Gaelic Support for all

Please see information below from BBC Alba (English translation at bottom.)

A charaid chòir,

Tha sinn an dòchas gu bheil sibh slàn is fallainn aig an àm-sa.

Tha sinn airson fios a leigeil dhuibh mu chuid de na goireasan a tha rim faotainn gus taic a‘ chumail ri ionnsachadh ur cuid chloinne fhad ’s a tha sinn uile aig an taigh, ri linn Covid-19. Tha sinn ag amas air ionnsachadh a bhrosnachadh ann an dòighean spòrsail, a’ gabhail a-staigh cànan agus cuspairean eile, mar matamataig, litreachas, saidheans agus eachdraidh.

Tha BBC ALBA ri lorg air Sky 141, Freeview/You View 7, Virgin Media 161, Freesat 109 agus BBC iPlayer.

Goireasan Ionnsachaidh

A bharrachd air seanail BBC ALBA, faodaidh clann goireasan a lorg air:

  • iPlayer – fon ainm ‘Ionnsaich le BBC ALBA / Learn with BBC ALBA’ do chlann aois bun-sgoile.

bbc.co.uk/iplayer/group/p088vlnb

  • Làrach-lìn BBC ALBA – goireasan do gach aois agus ìre ionnsachaidh

bbc.com/alba

  • BBC Gaelic Bitesize – Goireasan airson matamataig, litreachas, cuspairean sòisealta agus saidheansail do chlann bun-sgoile aig diofar aoisean agus ìrean;

agus Gàidhlig, eachdraidh, cruinn-eòlas agus nuadh-eòlas aig ìre Nàiseanta 4 agus 5, do dheugairean anns an àrd-sgoil.

bbc.co.uk/programmes/p087fhw2

  • BBC Bitesize – Goireasan do sgoilearan Gàidhlig, an dà chuid luchd-ionnsachaidh agus sgoilearan FMG agus matamataig aig Àrd Ìre (Scottish Higher).

bbc.co.uk/bitesize

  • Youtube BBC ALBA  measgachadh de stuthan bho CBeebies ALBA, CBBC ALBA agus bhideothan goirid A-Staigh do dh’ òigridh aig a h-uile ìre ionnsachaidh.

youtube.com/channel/UC9QfDPou5ir62PFnMePbqDg

Prògraman CBBC ALBA agus CBeebies ALBA

Leanaidh clàr-phrògraman chloinne BBC ALBA eadar 5 agus 7f le measgachadh a bharrachd de phrògraman spòrsail foghlaim gus taic a chumail ri ionnsachadh, agus airson beachdan a sgaoileadh mu rudan a nìthear aig an taigh, mar eisimpleir:

A’ Bhùth / The Shop

  • Taic matamataig do chloinn aois 3-7 aig 5.40f gach Dimàirt agus Diardaoin.
  • Ri fhaotainn air CBeebies ALBA agus iPlayer son 30 làithean an dèidh a chraoladh.

Baile Mhuilinn / Milltown

  • Taic leasachaidh cànain do chloinn aois 3-7 aig 5.40f gach Diluain agus Dihaoine.
  • Ri fhaotainn air CBeebies ALBA agus iPlayer son 30 làithean an dèidh a chraoladh.

Saidheans Spòrsail / Fun Science

  • Leasanan Saidheans do chloinn aois 7-12.
  • Ri fhaotainn air CBeebies ALBA agus iPlayer son 30 làithean an dèidh a chraoladh.

Aithne air Ainmhidhean / All About Animals

  • Sreath mu dheidhinn bheathaichean agus na h-àitichean dham buin aid, a chuireas taic ri eòlas air cultaran iomadach an t-saoghail.
  • Ri fhaotainn air CBeebies ALBA agus iPlayer son 30 làithean an dèidh a chraoladh.

A bharrachd air seo, tha cruinneachadh ionnsachaidh air iPlayer:

Ioma Rud – Taic sgrìobhaidh do chloinn aois 7-9.

SNAS – Taic sgrìobhaidh do chloinn aois aois 9-11.

Saorsa – Taic matamataig do chloinn aois 10-12.

Air Ghleus – Ceòl do chloinn aois 10-12.

Bhiodh sinn gu mòr nar comainn nan toireadh sibh seachad am fiosrachadh as iomchaidh bhon litir seo do phàrantan agus sgoilearan.  Tha sinn an dòchas gur e goireas a bharrachd a bhios a seo airson ionnsachadh aig astar a thaiceachadh is a bhronsachadh, an dà chuid do dhachannan le Gàidhlig agus dachannan anns nach eil i ga bruidhinn a-staigh.



We hope you are safe and well during this time.

We wanted to let you know about additional resources now available to support children’s learning as we continue to stay at home in order to contain the spread of Covid-19. These aim to reinforce learning in a fun and entertaining way, featuring support for Gaelic language and other subjects including maths, literacy, science, and history.

BBC ALBA is available on Sky 141, Freeview/ You View 7, Virgin Media 161, Freesat 109 and BBC iPlayer.

Learning Materials

In addition to the BBC ALBA channel, children can access materials on the following platforms:

  • BBC iPlayer – search for ‘Ionnsaich le BBC ALBA / Learn with BBC ALBA’ for primary school children.

bbc.co.uk/iplayer/group/p088vlnb

  • BBC ALBA’s Website – materials for all ages and stages of learning.

bbc.com/alba

  • BBC Gaelic Bitesize – Resources in maths, literacy, social and science topics for primary school children at a range of ages and stages and Gaelic, history, geography and modern studies at National 4 and 5 levels for those at high-school.

bbc.co.uk/programmes/p087fhw2

  • BBC Bitesize – Resources for learner and fluent Gaelic students and maths at Scottish Higher level.

bbc.co.uk/bitesize

  • BBC ALBA’s YouTube Channel  a mix of materials from CBeebies & CBBC ALBA & A-Staigh short videos for all stages of learning.

youtube.com/channel/UC9QfDPou5ir62PFnMePbqDg

CBBC ALBA and CBeebies ALBA Programmes

BBC ALBA’s children’s schedule will continue between 5 and 7pm every day with an additional mix of fun educational programmes to support learning and share ideas for things to make and do over the coming weeks. These include:

A Bhùth / The Shop

  • Maths support for children ages 3-7 at 5.40pm every Tuesday and Thursday.
  • Available on CBeebies ALBA and iPlayer for 30 days after broadcast.

Baile Mhuilinn / Milltown

  • Language development support for children ages 3-7 at 5.40pm every Monday and Friday.
  • Available on CBeebies ALBA and iPlayer for 30 days after broadcast.

Saidheans Spòrsail / Fun Science

  • Science lessons for children ages 7-12.
  • Available on CBBC ALBA and iPlayer for 30 days after broadcast.

Aithne air Ainmhidhean / All About Animals

  • A series about animals and their habits which aids knowledge of diverse cultures across the world.
  • Available on CBBC ALBA and iPlayer for 30 days after broadcast.

Also, on the iPlayer Ionnsaich Le BBC ALBA  collection are:

Ioma Rud – Writing support for children ages 7-9.

SNAS – Writing support for children ages 9-11.

Saorsa – Maths support for children ages 10-1.

Air Ghleus – Music for children ages 10-12.

We hope you will share the relevant information with parents and pupils who may benefit from these resources and that this will provide an additional, fun source of virtual learning, for Gaelic-speaking and non-Gaelic-speaking households.

Le gach deagh dhùrachd,

Sgioba BBC ALBA

1 thought on “Gaelic Support for all

  1. Pingback: Gaelic Support for all — 2019/20 ~ News | Chlas Ghàidhlig ~ Mrs MacVicar 2019/20

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google photo

You are commenting using your Google account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s